![Cruinneachaidh Cnocaidh](/staticarchive/da97ccdc69ceb5c8c672e2c0b3258f30d8c7f4b8.jpg)
Alasdair Gleannach ¶Ùò³¾³ó²Ô²¹±ô±ô²¹³¦³ó
Thà inig an dealbh seo bhon leabhar Story and Song from Loch Ness-side.
Rugadh Alasdair Gleannach ¶Ùò³¾³ó²Ô²¹±ô±ô²¹³¦³ó ann an Inbhir Moireasdan. Nuair a bha e a' fà s suas, bhiodh e a' cluinntinn sgeulachdan is òrain Ghà idhlig aig muinntir na sgìre; thog iad uimhir de dh' ùidh ann an Alasdair 's gun do chuir e peann ri pà ipear gus cuid dhiubh a chlà radh. Nochd "Story and Song from Loch Ness-side" ann an 1914; leabhar de na sgeulachdan 's na h-òrain a chuala e na òige. Rinn Gleannach oidhirp mhòr gus an aon seòrsa blas 's a bh' aig an fheadhainn a dh'innis na sgeulachdan dha fhèin o thùs a chur san leabhar. Ged a tha a' mhòrchuid den leabhar sa Bheurla, tha grunnan òrain Ghà idhlig a' nochdadh nach deach am foillseachadh ann an à ite sam bith eile.
Tha an leabhar a' toirt dealbh cunbhalach de mhuinntir na sgìre san ochdamh linn deug, le earrannan dheth air cuspairean leithid dòigh-beatha nan daoine, bà ird is bà rdachd, cleachdaidhean baistidh is pòsaidh, aislingean agus seuntan, spòrs is cur-seachadan, cèilidh agus obair na bliadhna.
Chithear eisimpleir dhen seo sa phìos a leanas:
"The postmen had many a weary, cold tramp, and many an exciting experience. One of the last of them, who travelled twice or three times a week between Drumnadrochit and Fort Augustus , about fifty years ago or so, called "Am Posta-BÃ n" ("The Fair Postman") - Stoddart to name - composed a rather interesting song, which we have pleasure in subjoining:
Fonn:
Fà ill-ill-ò ro-bha hì,
Gu bheil m' inntinn fo phrà mh;
Bhon chaidh a' mhà ileid air mo dhruim,
Dh'fhalbh mo shunnd 's mo chiall-gà ir'.
'N uair bhios cà ch nan cadal suain,
Air an cluasaig gu blà th;
'S ann bhios mise gu fliuch fuar
A' feuchainn cruaidh ait an t-sà il.
Rathad fada, carach, fiart',
Tha e cianail mun trà th;
'S ann air srà c an dà uair dheug
'Dol a thriall ri Portchlà r.
Coille dhlùth air gach taobh,
Sneachda ghlùin, cathadh bà n;
Gaoth a' sadadh ri mo chluais,
'Nochd nach truagh leibh mo chà s?
'N uair ruigeas mi Taigh Iain-Mhic-Shìm,
Bidh 'n ceòl binn ri mo chluais;
Abhainn Mhoireasdain na still,
'S chluinnte mìltean a fuaim.
Thèid mi 'n dèidh sin air mo chuairt
Seachad suas an Taigh-BÃ n;
'S gheibh mi 'm Postmaster na shuain,
Air a chluasag gu blà th.
Ruigidh mi 'n sin Creag-an-Ùird,
Frasan dlùth a' tighinn orm;
Gus an ruig mi leth mo chùrs'
Bidh mi dlù th 'dèanamh lorg.
Ruigidh mi 'n sin Taigh-a'-Chaochain,
'E ò ! gur faoilteach iad ann;
Èiridh Iain 's e gun ghruaim.
'S bheir e nuas dhuinn an dram.
Thèid mi sin air mo cheum
Seachad Lèini le srann;
Gus an cuairtich mi 'n t-Sròin,
'Mhan am Bòrlum nam dheann.
Chan e 'n samhradh as feà rr,
Oidhche bhlà th 'falbh na smùid
'Call mo shùgh anns gach pòr.
'S ged a thigeadh
reodhadh liath,
'S uisge chuireadh sliabh air snà mh;
Cha 'n fhaod mise dhol fo dhìon
Dh' aindeoin sìon thig a mhà n.
Cuid a their gu bheil mi fìor;
Cuid gur
breug tha mi 'g rà dh;
Saoilidh neach a bhios na thriall,
Nach tig crìoch air gu brà th.
[Macdonald, Alexander, 1982. Story and Song from Loch Ness-side. Inverness: Gaelic Society of Inverness]
Bha Gleannach den bheachd gu robh dà sheòrsa duine beò ann an Alba ro Chùil Lodair: na Gà idheil agus na Goill. Bha an dà bhuidheann eadar-dhealaichte ann an iomadh dòigh; cà nan, creideamh agus dòigh-beatha.
Ìý