![](/staticarchive/39812deb041567177b3357503704c836a40c777d.gif)
![Gearastan Deòrsa](/staticarchive/8cc3573331ee00c5345d1198b2e925dd9fe8db11.jpg)
Gearastan Deòrsa
© Colin Smith
Tha Gearastan Deòrsa, daingneach cho mòr 's a tha am Breatainn, faisg air Àird nan Saor, mu 11 mìle an ear air Inbhir Nis. Chaidh a thogail san 18mh linn mar ghearastan do shaighdearan an riaghaltais a bha a' geà rd na Gà idhealtachd an dèidh Ar-a-mach nan Seumasach ann an 1745.
Chaidh a' chiad ghearastan Deòrsa a thogail ann an Inbhir Nis, air cnoc ri taobh Abhainn Nis, sa bhliadhna 1727. B' e gearastan mòr a bha seo; chumadh e 400 saighdear.
Ghèill a' chiad ghearastan do na Seumasaich an dèidh dhaibh mèinnean a chur fodha. Spreadh na mèinnean mus robh dùil, a' milleadh a' ghearastain agus a' marbhadh mòran de na h-oifigearan Seumasach.
Bha dùil an gearastan ùr a thogail air an t-seann là raich, ach bha Comhairle na Gà idhealtachd an dùil gu robh iad airidh air airgead airson milleadh a rinnear air a' chaladh. B' ann aig an ìre seo a chaidh là rach faisg air Àird nan Saor a thaghadh.
Le caladh aig bonn nam ballachan, dh'fhaodadh bathar a thoirt don ghearastan ùr thar na mara. Thòisichear ag obair air sa bhliadhna 1748, le 1000 saighdear a' togail 's a' dìon na là raich bho nà imhdean; bha e deiseil sa bhliadhna 1769.
Le faisg air mìle de bhalla-dìon mu thimcheall air, bha an gearastan air a chleachdadh mar dhachaigh do na rèiseamaidean Gà idhealach.
Cha deach ionnsaigh a-riamh a thoirt air Gearastan Deòrsa, agus ged a tha e fhathast air a chleachdadh mar dhachaigh do shaighdearan, tha e cuideachd fosgailte do luchd-tadhail aig a bheil ùidh ann an eachdraidh is dòigh-beatha an airm.
Ìý