![Allt saidhe](/staticarchive/a26bc780123d39cb6eb95451967fbff4d15ae462.jpg)
Dòmhnall Donn Bhoth Hunndainn
B' ann ann an Allt Saidhe a rugadh am bà rd agus am mèirleach chruidh Dòmhnall Dòmhnallach, Dòmhnall Donn Bhoth Hunndainn. Ged nach eil dealbh dheth ri fhaotainn tha beachd againn air a choltas bhon òran a rinn a leannan, nighean Tighearna Ghrannd:
Allt Saidhe
© John Allan
Ìý
Tha do phearsa cuimir dealbhach,
'S math thig èideadh dhut is armachd;
Bu tu 'n curaidh treun, neo-chearbach
'S meanmnach anns an tuasaid.
'S math thig fèile dhut san fhasan
Bonaid gorm is còta breacain,
Osan geà rr is trì chuir ghartan
'S glas lann air do chruachan.
Chan eil òganach cho ainmeil
Riut
sa cheà rna seo de dh'Albainn:
'S mairg a dhùisgeadh suas gu
fearg thu
'N Ã m nan arm a bhualadh.
Chan eil teagamh nach robh Dòmhnall Donn ainmeil, cho ainmeil 's gu bheil sgoilearan
a' cumail a-mach gur dòcha gu bheil sgeulachdan mu euchdan dhaoine eile agus bà rdachd dhaoine eile air an cuir às leth Dhòmhnaill. Ach tha iad uile ag aontachadh gur e mèirleach chruidh a bh'ann agus gu robh e dèidheil air boireannaich. Chaidh a
chur gu bàs mun bhliadhna 1691, an dèidh a ghlacadh 's e a' dèanamh deiseil airson teiche le nighean Tighearna Ghrannd an aghaidh toil a h-athar.
Tha grunn thionndaighean den sgeul ri
fhaighinn ach a rèir aon aithris tha e coltach gu robh an nighean glè dheònach falbh leis. Bha Dòmhnall a' falach an an
uaimh faisg air
Rèilig Ghoiridh a' feitheamh cothrom falbh leatha nuair a thug na Granndaich
a' char à s. Chuireadh fios thuige, ma
b' fhìor bhon nighinn, tighinn ga coinneachadh an taigh à raidh. An sin chuireadh an deoch air agus, nuair a thuit e na chadal ann an sabhal, ghoideadh a sgiath agus a chlaidheamh agus thugadh e an
grèim.
Fhad 's a bha e am prìosan rinn e an t-òran:
Gur mi th'air mo sgaradh
Bho thoiseach an earraich:
Tha mo chas air a sparradh fo dhèile.
B' fheà rr gun tigeadh an t-aiteamh
'S gum falbhadh an sneachda
'S gun teannadh gach
aigne ri chèile.
B'fheà rr gum faicte mo chà irdean
Tighinn
a-staigh le Creag Phà draig
'S cha
b' fhada bhiodh cabhsair ' ga rèiteach.
'S iad a chuireadh an gradan
Ri dùthaich nan adag;
Chan fhà gadh iad caisteal ri chèile.
'S iad gun cuireadh an sgùradh
Fo luchd nan gruag fùdair:
Chan fhà gadh iad lùth an còig cheud dhiubh.
Bhithinn cinnteach à 'r cruadal
'N Ã m an claidheamh a bhualadh:
Chuirteadh laigh' air na Tuathaich nach èireadh.
Bhithinn earbsach à 'r dilseachd,
Nach fà gte mi 'm prìosan
'S gum faighinn a rìs air an
rèidhlean.
Ach cha
tà inig a chà irdean gus cobhair a dhèanamh air agus chaidh Dòmhnall Donn a dhì-cheannadh. Tha e air a rà dh gu robh a phiuthar Ceit an là thair 's gur e na facail mu dheireadh a chualas
bhuaithe "A Cheit, tog an ceann".
'S e an t-òran as ainmeil a thathar a'
cur às leth Dhòmhnaill an t-òran ris an canar A Mhairead Òg ged tha sgoilearan
cinnteach gu bheil dà òran air a dhol an lùib a chèile. Seo mar tha e a' tòiseachadh anns An t-Oranaiche a dheasaich Gilleasbaig Mac na Ceà rdaich sa bhliadhna 1879.
A Mhairearad òg, 's tu rinn mo leòn
Gur cailin bhòidheach lurach thu,
Gur guirm do shùil na madainn dhriùchd
An dearc air chùl nan duilleagan
Gur guirm do shùil na madainn dhriùchd
An dearc air chùl nan duilleagan:
Gur gil thu, ghrà idh, na 'n sneachda bà n
A' cur air à rd nam monaidhean.
Gur gil thu, ghrà idh,etc
Ochoin a Rìgh, mo nighean donn
Nach robh mi thall am Muile leat.
Ochoin a Rìgh, etc
Gum marbhainn iasg is
sitheann fhiadh
'S cha bhiodh, a chiall, oirnn uireasbhaidh.
Gum marbhainn iasg etc
'S gum marbhainn coileach-dubh air geug
Mum biodh na èiteadh ioma fear.
'S gum marbhainn etc
'S an earbag bheag à bun a' phris
Ged 's clis a chì 's a chluinneas i.