91Èȱ¬

Explore the 91Èȱ¬
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DIARDAOIN
16 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin

Cuairtean


91Èȱ¬ 91Èȱ¬page
Scotland

Alba
Radio nan Gaidheal
Cuairtean

Dachaigh
Inbhir Nis
Loch Aillse
Bàideanach & Srath Spè
Loch Abar


Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

Ìý
An Leth Allt

Cruinneachaidh Cnocaidh
Cruinneachadh a' Chaiptein Sìm Friseal, Cnocaidh

Cruinneachaidh Cnocaidh

Courtesy of Special Collections, Glasgow University Library

Rugadh an Caiptean Sìm Friseal ann an Ardachaidh, faisg air Cille Chuimein, sa bhliadhna 1773. An dèidh gluasad gu Earrogaidh ann an Srath Fharragaig airson ùine ghoirid, rinn e a dhachaigh ann an Cnocaidh, san aon sgìre. Mar fhear a bha gu math dèidheil air ceòl, cho-dhùin an Caiptean gun cruinnicheadh e fuinn Ghàidhealach san sgìre san robh e eòlach - a' clàradh fuinn fhad 's a bhiodh e a' seinn ri taobh an teine sa gheamhradh, agus air gach feasgar samhraidh a bhiodh e air an àirigh.

Chuir e seachad iomadh bliadhna sna Fraser Fencibles; agus, fhad 's a chuir e seachad seachd bliadhna còmhla riutha ann an Èirinn a Tuath, leudaich ùidh ann an ceòl Ceilteach. A bharrachd air a bhith a' cruinneachadh uimhir, b' e neach-ciùil cliùiteach a bh' ann fhèin; 's beag an àireamh de dhaoine a chluicheadh an fhideall cho math ris. Thuirt caraid mu Shìm: "An uncle of mine, the late Captain MacDiarmid of the Forty-second Highlanders, a first-rate amateur player on flute and violin, was a great admirer of Knockie's music, and could play it well; but he used to say, that he did not think that any person could do the tunes justice but Knockie himself. At all events, I never heard any one make the fiddle speak Gaelic so beautifully!"

Chaidh " The Airs and Melodies Peculiar to the Highlands of Scotland and the Isles" fhoillseachadh sa bhliadhna 1816, ach chùm an Caiptean Friseal a' leasachadh agus a' cur ris gus an do bhàsaich e sa bhliadhna 1852.

Chaidh an cruinneachadh ath-fhoillseachadh an dèidh làimh le Aonghas Friseal, mac Shìm, le tuilleadh stuthan a dh'fhàg athair aige.

Tha 232 fonn sa chruinneachadh, eadar ceòl dannsa agus fuinn Ghàidhlig; b' ann eadar 1715-45 a chaidh a' mhòrchuid dhiubh a dhèanamh. Chaidh cuid de na fuinn a chruthachadh airson na fìdhle, agus cuid eile airson a' phiana.

Canar cuideachd gun deach mòran de na facail a th' anns a' chruinneachadh atharrachadh air sgàth 's na faireachdainnean pearsanta a bh' aig Friseal mu na Seumasaich.

Ged a bha na fuinn a chruinnich e dha-rìribh, agus ged a bha gaol-dùthcha cudromach don Chaiptean, tha e coltach gu robh e cuideachd dèidheil air a bhith a' riarachadh na mòr-uaislean le ceòl air an robh buaidh Eòrpach.

Chithear eisimpleir de dh'òran à Cruinneachadh Cnocaidh gu h-ìosal:

Bràighe Loch Iall

O thèid, 's gun tèid,
O thèid mi thairis
Gu innis nam bò,
Far am b' eòl dhomh 'n ainnir

³§Ã¨¾±²õ³Ù:
Ì ò bha hò
'S na haoiri rìri hohi
Hoireann o gù hohi
O bha hò.

Gu innis nam bò
Far am b' eòl dhomh 'n ainnir,
Gu Bràighe Loch Iall
Far 'm bi fiadh 's a' langan.

Is earbag nan stùc
Tha gu lùghmhor eangarr'.

A bhean an fhuilt rèidh
Thug mi fhèin dhut mo ghealladh.

Mo ghealladh nach trèig,
Ged a b' fheudar dhuinn dealach'.

Gur math thig brèid bàn
Air a chàradh ort beannach.

Mu aghaidh gun tolg
Nan gormshùil meallach.

Is staidhse dhen t-sìoda
Mhìn gad theannach'.

Is aparan ùr
À bùth a' cheannaich'.

Gura minig a bha
Sinn air àirigh ghleannaich.

Am bothan beag dlùth
Gun dùnadh ach barrach.

Làmh thogail an àil,
Bha tlàths riut ceangailt.

'N àm gabhail mu thàmh
Cha bu chnàmhan ar teallach.

Mo làmh fod cheann
'S do làmh gheal tharam.

Mo thaobh rid thaobh,
Sinn maoth-chridheach tairis.

O thèid, 's gun tèid,
O thèid mi thairis.

[School of Scottish Studies, ed., 1981. Tocher 35 . Edinburgh: School of Scottish Studies, University of Edinburgh]




Èist

Bha Ruairidh MacAoidh eòlach air Cnocaidh.



air ais


About the 91Èȱ¬ | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy
Ìý