Blà r Sliabh an t-Siorraim
°äà °ù²Ô-³¦³Ü¾±³¾³ó²Ô±ð
© Paul Thomson, Midcalder
Bha Gà idheil na h-Alba a’ caoidh fògradh
Rìgh Seumas II, agus nuair a bhà saich a’ Bhà nrigh
Anna bha iad an dòchas gum faigheadh iad cothrom air Seumas Eideart,
mac Sheumais II, a chrùnadh mar rìgh. Ach nuair a chaidh Rìgh
Deòrsa I a ghairm mar rìgh air Breatainn ann an 1714, fhuair
iad briseadh dùil. Bha cùisean gu math troimh-chèile
air feadh na dùthcha, agus cuid den bheachd gun robh cùisean
air a dhol na bu mhiosa buileach dhaibh bho dh' aon nam pà rlamaidean
ann an 1707.
Air an 6mh Sultain 1715 chaidh bratach rìoghail nan Stiùbhartach
a thogail ann am Baile a' Chaisteil ann am Brà igh Mhà r. B'
e Iain, Diùc Mhà ir, an ceannard agus cha b'fhada gus an robh
feachd de 15,000 aige air an cruinneachadh ann am Peairt.
Chaidh Diùc Earra-Ghà idheil a chur air ceann feachd an riaghaltais
agus chruinnich 4,000 dhiubh aig Sruighlea. B' e Goill a bh' anns a’
mhòr-chuid agus ged a bha eòlas-cogaidh aca bha iad air uimhir
a chluinntinn mu na "GÃ idheil bhorba" agus gun robh eagal
orra a' dol nan coinneamh. Nuair a chuala Earra-Ghà idheal gun robh
Mà r a' tighinn, chuir e arm ann an òrdugh aig Sliabh an t-Siorraim
faisg air Dùn Bhlà thain. Tha cunntas ag innse gur e 8,000
duine a bh' aig Mà r agus 3,500 aig Earra-Ghà idheal.
A
rèir eachdraidh, b' e bùrach dha-rìribh a bh' anns
a' bhatal. Cha deach òrdugh no eòlas-cogaidh sam bith a chleachdadh
oir thà inig an dà fheachd air a chèile, gun fhios.
Thòisich na Gà idheil le na musgaidean, ach an uair sin thilg
iad bhuapa iad agus thug iad gu sabaid le claidheamhan. Fhuair iad air pà irt
de fheachd Earra-Ghà idheil a ruagadh gu Dùn Bhlà thain.
Ach fhad 's a bha seo a' tachairt bha Earra-Ghà idheal air teiche
a chur air pà irt de fheachd Mhà ir. Bha Sliabh an t-Siorraim
falamh ach a-mhà in na leòintich 's na mairbh. Ged nach do
mhair am blà r ach ùine ghoirid, bha call mòr ann -
chaill Earra-Ghà idheal 600 agus Mà r 800.
Sliabh an t-Siorram
© Richard Webb