91Èȱ¬

Explore the 91Èȱ¬
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DIARDAOIN
16 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin

Cuairtean


91Èȱ¬ 91Èȱ¬page
Scotland

Alba
Radio nan Gaidheal
Cuairtean

Dachaigh
Inbhir Nis
Loch Aillse
Bàideanach & Srath Spè
Loch Abar


Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

Ìý
An Leth Allt

Caisteal Culzean
Raibeart Adam (1728 - 1792)

Tha Caisteal Culzean aig oir na mara dà mhìle deug deas air baile Inbhir Adhair. Thòisich an t-ailtire Raibeart Adam air a dhealbh ann an 1777 ach thug e gu 1792 mus robh an obair ullamh.

© James Hearton




Ri linn, b' e Raibeart Adam aon de na h-ailtirean a b'ainmeil ann an Alba agus ann an Sasainn.

Rugadh e ann an 1729 ann an Cathair Challdainn. B' e clachair agus ailtire a bha na athair. Ghluais e a Dhùn Èideann aig aon bliadhna deug a dh' aois agus chaidh e dhan oilthigh an sin. Cha do cheumnaich e riamh air sgàth droch shlàinte agus Ar-a-mach nan Seumasach. Nuair a bha Raibeart fichead bliadhna dh'aois chaochail athair agus as dèidh sin chaidh e a dh'obair aig companaidh ailtireachd an teaghlaich.

Roghnaich Raibeart turas mòr a ghabhail dhan Fhraing agus dhan Eadailt airson rannsachadh a dhèanamh air aitreamhan Ròmanach. As dèidh a thurais thill e a Bhreatainn far an do thòisich e a' ghnìomhachas fhèin ann an Lunnainn. Cha b' fhada gun do choisinn e cliù mar ailtire fasanta air sgàth an stoidhle àraid a bh'aige. Bha an obair aige ùrail agus innleachdach. Cha robh eagal air stoidhlichean eadar-dhealaichte fheuchainn agus b' e sàr obair a rinn e air grunn thogalaichean.

Chaidh cuid de na togalaichean a dhealbh e a leagail gu làr no an atharrachadh thairis air na linntean ach gu fortanach tha cuid dhiubh rim faicinn fhathast - m.e an Admiralty Arch ann an Lunnainn, Caisteal Culzean an siorrachd Adhair, an t-seann cholaiste aig Oilthigh Dhùn Èideann agus taigh Baile a' Bhile.



air ais


About the 91Èȱ¬ | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy
Ìý