![Srath Mhathaisidh](/staticarchive/867183020bc16fedf0187576b5af91f4a4adb8d3.jpg)
PÃ draig Grannd
Thà inig an dealbh seo bhon leabhar Dà in Spioradail (1926).
Rugadh Pà draig Grannd, no Pà draig nan òran, ann an Baile nan Tuath dìreach deas air Congais. Chaochail a mhà thair 's gun e ach seachd bliadhna a dh'aois 's às dèidh sin chaidh e a dh'fhuireach còmhla ri teaghlach a sheanar ann am Baile nan Granndach.
Bha na dà in spioradail aig Dùghall Bochanan à Srath Èire air bilean an t-sluaigh agus bha buaidh mhòr aig na laoidhean sin air Pà draig.
Nuair a dh'fhà g Lachlan Mac an Tòisich eaglais Bhaile nan Granndach ann an 1826, ghabh Pà draig an dreuchd. A bharrachd air a bhith a' frithealadh air a' choitheanal bha e cuideachd trang le obair tuathanais. Chuir e seachad an còrr de bheatha na mhinistear san sgìre agus thairis air an ùine sin sgrìobh e cuid de na laoidhean Gà idhlig as ainmeile. Nam measg tha Òran mu Leanabh Òg, Èifeachd am Fuil an Uain, agus An Dachaigh Bhuan - laoidhean a tha air an seinn chun an là an diugh.