91ČČąŹ

Explore the 91ČČąŹ
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DIARDAOIN
16 DĂ mhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhĂ in

Cuairtean


91ČČąŹ 91ČČąŹpage
Scotland

Alba
Radio nan Gaidheal
Cuairtean

Dachaigh
Inbhir Nis
Loch Aillse
Bàideanach & Srath Spè
Loch Abar


Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

Ěý

Caisteal Inbhir Lòchaidh
Blàr Inbhir Lòchaidh

Caisteal Inbhir Lòchaidh
Thàinig an dealbh seo bho thasglann Chlann Chamshròin.


B' e seo a' bhuaidh bu mhotha a bha aig na RÏoghairean an aghaidh nan CÚmhnantach, ged a bha amasan gu math diofraichte aig dà cheannard nan RÏoghairean ann an ceann a tuath Alba. Bha DiÚc Mhontròis a' strÏ an aghaidh nan Caimbeulach mar thaice don RÏgh Teàrlach ach b' e prÏomh amas Alasdair MhicColla na Caimbeulaich, seann nàimhdean nan Dòmhnallach, a sgrios buileach. Dhasan bha seo gu mòr air thoiseach air adhbhar an RÏgh, oir bha na Caimbeulaich air fearann a thoirt bho theaghlach, na Dòmhnallaich, agus bha athair fhèin na phrÏosanach aca.

Bha MacColla air arm nan RÏoghairean a neartachadh gu mòr le Dòmhnallaich agus, ged a bha Montròs ag iarraidh ionnsaigh a thoirt air a' Ghalltachd, thug MacColla air aontachadh ri gluasad an aghaidh nan Caimbeulach.

Anns an DÚbhlachd, 1644, ghluais na RÏoghairean sÏos mu bhruthaichean Loch Tatha gu Bràghad Albainn, a' dèanamh air Inbhir Aora, prÏomh bhaile nan Caimbeulach. Bha DiÚc Earra-Ghàidheil den bheachd nach faigheadh a nàmhaid tro na bealaich chionn 's gum biodh iad dÚinte le sneachd. Mar sin, 's gann a
b' urrainn dha a chreidsinn nuair a chual' e gun robh iad air Gleann Siara a ruigheachd, beagan mhÏltean air falbh à Inbhir Aora. Theich an DiÚc à Caisteal Inbhir Aora agus chaidh e air bòrd birlinn ann an Loch FÏne.

Bha smachd aig MacColla a-nise air Earra-Ghàidheal agus chaidh sgrios uabhasach a dhèanamh air an dÚthaich. Chuir MacColla às do gach duine a dh'fhaodadh a bhith comasach seasamh na aghaidh, co dhuibh a bha iad fo armachd gus nach robh. Air an adhbhar seo thugadh dha am far-ainm "Fear Tollaidh nan Taighean"

Tràth sa bhliadhna 1645 thòisich arm nan RÏoghairean a' fàgail Earra-Ghàidheal suas mu cheann Loch Obha agus tro Bhealach Bhranndair. Thug bàtaichean an airm tarsainn a' chaoil anns a' Chonghail agus a-rithist aig Loch LÏobhann. Mu dheireadh ràinig iad Loch Nis agus b' ann an seo, a rèir beul-aithris, a choinnich iad ri Iain Lòm, bàrd nan Dòmhnallach.

Chual' iad bho Iain Lòm gun robh arm Caimbeulach air an Gearastan a ruigheachd 's iad a' tighinn as an dèidh. Bha arm CÚmhnantach ann an Inbhir Nis air an taobh eile dhiubh agus ged a b' e seo an t-arm bu laige, bha fios aig Montròs gun dèanadh an t-arm aigesan strÏ fada na bu làidire an aghaidh nan Caimbeulach. Mar sin, chaidh roghnachadh tilleadh gu Loch Abar, ach air slighe an-àbhaisteach.

Bha fios aig Montròs gum biodh fir-faire a' cumail sÚil air an t-slighe àbhaistich gu Inbhir Lòchaidh agus b' ann a chaidh iad tro Gleann Tarbh, a' gluasad an iar-dheis, far an cumadh na beanntan iad falaichte. Chaidh iad tarsainn Bealach Allt na Làraich, aig àirde dà mhÏle troigh, a' grunnachadh tro chuithean domhainn sneachda.

ChÚm iad orra tron Ghleann Ruadh gu ruige na Ceapaich agus chaidh iad tarsainn Abhainn an Aonachain aig Dail na Beithe. Ràinig iad Inbhir Lòchaidh, dlÚth ris an nàmhaid, dÏreach nuair a bha an oidhche a' ciaradh, air a' chiad latha den Ghearran. Bha iad fliuch, fuar is sgÏth an dèidh a bhith air an cois airson sia uairean deug thar fhichead.

Cha robh aig Montròs ach mÏle gu leth duine agus bha dhà uiread aig na CÚmhnantaich. Thàinig na RÏoghairean orra gun fhiosta, ged-thà, agus leis an sgil leis an deach an t-arm a chur an sàs thug iad ionnsaigh mharbhtach
dha-rÏribh air na CÚmhnantaich. Chaidh na ceudan, 's dòcha mÏle gu leth dhiubh, a marbhadh agus bha a' bhuaidh bu mhotha aig na Dòmhnallaich air an t-seann nàmhaid.

Nuair a chaidh faighneachd do Iain Lòm an robh e fhèin a' dol a shabaid ri taobh Alasdair MhicColla tha e air aithris gun tuirt e "Ma thèid mise nad chois agus gun tuit mi anns a' bhlàr, cò mholas tusa a-màireach?" Rinn e moladh mar a gheall e agus thug e dealbh air na thachair anns a' bhlàr fhuilteach.

Seo an trÏ rann mu dheireadh bhon bhàrdachd aig Iain Dòmhnallach (Iain Lòm) - "Là Inbhir Lòchaidh"

Alasdair Mhic Cholla ghasda,
Lamh dheas a sgoltadh nan caisteal ;
Chuir thu 'n ruaig air Ghallaibh glasa,
'S ma dh-ol iad cĂ l gun chuir thu asd' e.

'M b' aithne dhuibhse 'n Goirtean-odhar,
'S math a bha e air a thothar,
Cha 'n inneir chaorach, no ghobhar ;
Ach fuil Dhuimhneach an deigh reothadh.

Bhur sgrios mu 's truagh leam 'ur caradh,
'G eisdeachd an-shocair 'ur pĂ istean
Caoidh a phannail bh' ann 's 'n Ă raich
Donnalaich bhan EarraghĂ el.


Èist

Bha Ruairidh MacAoidh eòlach air eachdraidh na sgÏre.



Èist

Èist ris an t-òran aig Iain Lom - Là Inbhir Lòchaidh air a sheinn leis an t-Urr. Uilleam MacMhathain nach maireann.



air ais


About the 91ČČąŹ | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy
Ěý