91Èȱ¬

Explore the 91Èȱ¬
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DIARDAOIN
16 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin

Cuairtean


91Èȱ¬ 91Èȱ¬page
Scotland

Alba
Radio nan Gaidheal
Cuairtean

Dachaigh
Inbhir Nis
Loch Aillse
Bàideanach & Srath Spè
Loch Abar


Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

Ìý

Loch Gartain
Iain Dubh Geàrr

Loch Gartain
© Nick Forwood


B' ann à Ruadhro a bha an ceatharnach Iain Dubh Geàrr. B' e fear-fuadain a bha anns a' Ghriogarach seo agus bha e air teicheadh chun na Tulaich far an robh a leannan Iseabail Ghranndach a' fuireach.

Bha fear de Chloinn MhicDhonnchaidh an dòchas gum pòsadh Iseabail esan agus chaidh e fhèin agus companaich as dèidh Iain Dubh Geàrr. Bha Iseabail air comraich a thoirt dha ann am bàthach agus bha i air gunnaichean a thoirt dha cuideachd. Mharbh Iain Geàrr a h-uile duine dhan fheadhainn a bha air tighinn air a thòir.

A rèir na h-aithris bha e fhèin is Iseabail cho moiteil 's cho toilichte leis mar a thionndaidh gnothaichean a-mach 's gun do rinn Iain port anns a' bhad agus thòisich iad a' dannsa mun teine. 'S e "O Thulaichean gu Bealaichean" an t-òran a bh' aca agus canar Ruidhle Thulaichean ris an dannsa chun an latha an-diugh.

Seo mar a tha an t-òran a' dol:

Bho Thulaichean gu Bealaichean
'S bho Bhealaichean gu Tulaichean;
S mur faigh sinn leann ' s na Tulaichean
Gu'n òl sinn uisge Bhea1aichean.

Bu Ghriogarach da-rìreadh,
À Ruadh-shruth an Gleann-lìobhann,
A rinn an ceòl tha rìomhach,
Ris 'n canar leinn "Na Tulaichean."

B' ann an Tigh-na stràide
A thug iad ionnsaigh bhàis air,
'S mur bitheadh e ro 1àidir,
Bha ochdnar nàmh ro mhurach air.

Ach labhair lain Dubh Gearr riuth' -
"Bha mi anns a' cheardaich,
'S cha chrom mi sìos mo cheann duibh,
Ged thionndadh sibh ui1e ruim."

'N sin bhuail iad uil' air còmhla,
'S ged bha Iain Dubh 'n a ònar,
Cha b' ann d' am buannachd tòiseach -
Bha fuil mu shròin a' h-uile fir!


Facail as An t-Oranaiche, deasaichte le Gilleasbaig Mac na Ceàrdadh, Glaschu 1879.


Loch Gartain

Mar a bha sgeulachd Iain Dubh Geàrr aig Ruairidh MacAoidh.



air ais


About the 91Èȱ¬ | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy
Ìý