91Èȱ¬

Explore the 91Èȱ¬
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DIARDAOIN
16 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin

Cuairtean


91Èȱ¬ 91Èȱ¬page
Scotland

Alba
Radio nan Gaidheal
Cuairtean

Dachaigh
Inbhir Nis
Loch Aillse
Bàideanach & Srath Spè
Loch Abar


Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

Ìý
An Leth Allt

A' Bh-Uas Anna Grannd
A' Bhean-Uasal Anna Ghrannd

Thàinig an dealbh seo bhon leabhar Glimpses of Church and Social Life in the Highlands in Olden Times le Alasdair Mac a' Phearsain. (1893)




Rugadh Anna NicBhiocair sa bhliadhna 1755 ann an Glaschu. B' e oifigear airm a bha na h-athair, obair a thug air an teaghlach a ghluasad gu Ameireaga nuair nach robh Anna ach trì bliadhna dh'aois. Nuair a thill iad a dh'Alba as dèidh grunn bhliadhnaichean rinn iad an dachaigh ann an Cill Chuimein. Air a slighe gu tuath sgrìobh Anna litrichean gu a caraidean ann an Glaschu, a' moladh na Ghàidhealtachd. B' e seo toiseach-tòiseachaidh cleachdadh a lean rithe fad a beatha.

Ann an 1779 phòs Anna an t-Urramach Seumas Grannd agus rinn iad an dachaigh ann an Lagan. Thar nam bliadhnaichean bha dusan duine cloinne aca ged a chaill iad ceathrar dhiubh 's iad òg. Ann an 1801, nuair a bha an leanabh a b' òige aca dìreach dà bhliadhna, chaochail an t-Urramach Seumas. Le teaghlach mòr ri thogail air glè bheag de theachd-a-steach, thòisich Anna a' sgrìobhadh airson cosnadh a dhèanamh. B' ann air cuspairean Gàidhealach a bha a' chuid bu mhotha den sgrìobhadh aice.

Ghluais Anna gu Sruighlea agus as dèidh sin gu Dùn Èideann. B' ann an sin a chruinnich i na litrichean a bha i air a chur gu a caraidean bho dh'fhàg i Glaschu ann an 1773 gus an do dh'fhàg i Lagan ann an 1803. Rinn iad leabhar a bha air leth soirbheachail.

Ann an 1808 sgrìobh i an leabhar Memoirs of an American Lady mun ùine a chuir i seachad ann an Ameireaga.

Chuir a' Bh-Uas Grannd seachad an còrr de beatha a' sgrìobhadh, cuid nach deach a chur an clò gu as dèidh a bàis sa bhliadhna 1838 ann an Dùn Èideann.






Èist

Tha an leabhar Letters from the Mountains ag innse mu dòigh beatha na Gàidheil.



air ais


About the 91Èȱ¬ | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy
Ìý