![Seumas Greumach](/staticarchive/5134b50bbb6c783f4229469b4062b8c4afde7904.jpg)
Alasdair MacColla
Seumas Greumach, Marcas Mhontròis, 1612-1659. Bha e os cionn
nam feachdan Gà idhealach agus Èireannach an aghaidh nan Cùmhnantach ann
an 1644/45.
© Scottish National Portrait Gallery
Nuair a bha Alasdair MacColla (no MacDhòmhnaill) na
bhalach òg bha na Dòmhnallaich agus na Caimbeulaich aig uganan
a chèile. Bha iad air a bhith a' strì bho chionn fhada mu
dheidhinn còirichean fearainn agus mu cò aige a bhiodh là mh
an uachdair anns an sgìre.
Rinn MacColla ainm dha fhèin an toiseach anns an t-srì ris an canar Cogadh nan Trì Rìoghachdan. Bha na Dòmhnallaich air taobh nan Rìoghairean an aghaidh nan Cùmhnantach, a bha faighinn taic bho na Caimbeulaich.
Ann an 1644 bha MacColla os cionn na h-ionnsaigh a thug na Rìoghairean
an aghaidh nan Cùmhnantach ann an Alba. Bha smachd aige air mu 1500-2000
duine, a' mhòr chuid dhiubh à Ulaidh. Aig an à m seo
choinnich MacColla ri Seumas Greumach, Marcas Mhontròis, a bha cuideachd
a' toirt taic do na Rìoghairean. Ann an Cogadh Sìobhalta na
h-Alba fhuair Montròs agus MacColla buaidh aig Tippermuir, Obar Dheathain,
Inbhir Lòchaidh, Allt Èireann, Athfort agus Cill Saidhe.
Nuair a ghluais e an aghaidh nan Caimbeulach ann an Earra-Ghà idheal rinn na daoine aig MacColla sgrios uabhasach air na sìobhaltaich ann an dùthaich nan Caimbeulach. Chuir MacColla às do gach duine a dh'fhaodadh a bhith comasach seasamh na aghaidh, co dhiù a bha iad fo armachd gus nach robh. Air an adhbhar seo thugadh dha am far-ainm "Fear Tollaidh nan Taighean"
Air sgà th na rinn a mhac ann an dùthaich nan Caimbeulach chaidh athair MhicColla, a bha na phrìosanach aca, a chur gu bà s. Thug MacColla Èirinn air agus chaidh e an lùib nan Co-Cheangalach Èireannach ann an 1647. Chaidh na saighdearan aige a sgapadh eadar feachdan Laighin is Mhumain, le MacColla fhèin an lùib arm Laighin. Chaidh a' mhòr chuid de na saighdearan aige a mharbhadh aig Blà r Chnoc Dhungain agus Blar Chocannuas, far an deach MacColla fhèin a ghabhail mar phrìosanach. Chaidh a chur gu bàs le saighdearan Sasannach an dèidh sin.
B' e saighdear sònraichte a bha ann agus bha comas air leth aige a chuid shaighdearan a chur ann an òrdugh cogaidh airson là mh an uachdair fhaighinn air a' nà mhaid. Canar gur e esan a' chiad fhear a chuir saighdearan an aghaidh a' namhaid leis an ionnsaigh- cogaidh Ghà idhealaich.
Tha cuimhne air Alasdair MacColla ann am bà rdachd is òrain, gu h-à raidh anns a' bhà rdachd aig Iain Dòmhnallach (Iain Lòm )- "Òran do Alasdair MacColla".
Alasdair nan Geurlann Sgaiteach,
Gheall thu 'n-dè a bhith cur às daibh;
Chuir thu 'n retreut seach an caisteal,
Seòladh glè mhath air an leantainn.
Alasdair nan geurlann guineach,
Nam biodh agad à rmainn Mhuile,
Thug thu air na dh' fhalbh dhiubh fuireach,
'S retreut air prà bar an duilisg.
Alasdair mhic Cholla Ghasta,
LÃ mh dheas a sgoltadh nan caisteal,
Chuir thu 'n ruaig air Ghallaibh glasa
'S ma dh'òl iad cà l chuir thu à st' e.