91Èȱ¬

Explore the 91Èȱ¬
Tha na duilleagan seo a-nise air an tasgadh agus cha t\u00e8id an \u00f9rachadh tuilleadh. Leugh mu phoileasaidh tasglainn a\u2019 BhBC.

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
»
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
°äà²Ô²¹¾±²Ô





Ìý
Ùraichte air: 06 Am Faoilleach, 2010 - Air fhoillseachadh aig 09:24 BST
Ìý
Post-d gu caraid Ìý Dreach clò-bhualaidh
Cead ga thoirt do loidhne dealain na Manachainn
Ìý
Crann-dealain agus beinn
Bhidh 137 troigh de dh'àirde anns na crainn
Thug Riaghaltas na h-Alba cead seachad airson loidhne dealain mhòr a thogail eadar a' Mhanachainn air a' Ghàidhealtachd agus Deanaidh, faisg air Sruighlea - 137 mìle de dh'fhaid.

Tha dùil gun cosg an obair a bhios an luib a bhith a' toirt sìos na loidhne a th' ann an-dràsta agus a' togail na tè ùire, suas ri £400m.

Tha an co-dhùnadh a' tighinn às dèidh sgrùdaidh phoblaich a mhair 11 mìos, agus a thàinig gu ceann san Dùbhlachd 2007.

Chuir còrr is 18,000 duine gearain a-steach an aghaidh a' phlana.

Tha an fheadhainn a tha ag iarraidh na loidhne ag ràdh gu bheil i deatamach airson a' bhuanachd as fheàrr a thoirt à cumhachd ath-nuadhachail anns a' cheann a tuath.

Tha gu leòr eile ge-tà, gu mòr an aghaidh nam planaichean, agus iad ag ràdh gum milleadh an loidhne coltas na dùthcha, agus gun toireadh i droch bhuaidh air an àrainneachd.

Tha iadsan ag ràdh gum bu chòir na càbalan a chur fon mhuir, no fon talamh.

Thèid 600 crann, a bhiodh suas ri 200 troigh de dh'àirde, a chur an sàs, a bhios a' giùlain 400kV, seach 132kV mar a th' anns an loidhne a th' ann an-dràsta.

Tha strì gu leòr air a bhith ann eadar luchd-glèidhteachais, daoine a bhiodh a' fuireach faisg air an loidhne agus companaidhean cumhachd.

Tha Riaghaltas na h-Alba ag amas air fada a bharrachd feum a dhèanamh de chumhachd ath-nuadhachail sa cheann a tuath

Dheadh an cumhachd sin a ghluasad gu luchd-cleachdaidh aig deas, agus a reic ri àiteachan eile cuideachd, a dh'fhaodadh prothaid mhath a dhèanamh.

Ìý
Ìý
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
AN TUILLEADH
Ìý
Ìý
Post-d gu caraid Ìý Dreach clò-bhualaidh
Ìý

About the 91Èȱ¬ | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy
Ìý