An ceap a thà inig dhachaigh chun na Gà idhealtachd, mu dheireadh thall.
- Air fhoillseachadh
Tha teaghlach ann an Inbhir Nis a' dèanamh gà irdeachais is iad air ceap eadar-nà iseanta rugbaidh a choisinn fear a bha cà irdeach dhaibh fhaighinn.
Thà inig sgeulachd an Lt James Michael Blair am bà rr mar phà irt de dh'iomairt aig Rugbaidh Alba gus ceapan a thoirt do 75 duine a chluich do dh'Alba timcheall air à m an Dà rna Cogaidh ach nach robh e air aithne oifigeil fhaighinn gu seo.
Bha 10 ceap nach deach a thoirt seachad is e air fà iligeadh air Rugbaidh Alba lorg faighinn air feadhainn a bha cà irdeach dha na cluicheadairean.
Bha an Lt James Michael Blair - no Michael mar a b' fheà rr a dh'aithnichear e - air an liosta sin gu seo.
Fhuair Michael Blair foghlam aig Acadamaidh Dhùn Èideann is Oilthigh Oxford.
Chluich e do dh'Alba an aghaidh Shasainn aig Inverleith air an 27mh den Ghearran 1943 ann an geama eadar-nà iseanta eadar na seirbheisean.
Bha an Lt Blair aig scrum-half do dh'Alba ann an geama a bhuannaich Sasainn 29-6.
Bha e cuideachd na bhall den Reconnaissance Corps, R.A.C. 15th (Scottish) Regiment.
Chaill Michael Blair a bheatha a' sabaid ann an Normandy ann an 1944.
Nuair a thòisich Rugbaidh Alba air an iomairt aca cha d' fhuair iad sgeul an toiseach air duine a bha cà irdeach dha.
Ach às dèidh sgrùdaidh mhionaidich agus a dhol tro sheann chlà ran, nam measg an fheadhainn aig Coimisean Uaighean Cogaidh a' Chlo-Fhlaitheis, thà inig ceangal am bà rr air Ghà idhealtachd.
"B' e Michael co-ogha mo mhà thar," dh'innis Susan Little, a tha a' teagasg Beurla aig Acadamaidh Allt a' Mhuilinn ann an Inbhir Nis.
"Rugadh an dithis aca anns na h-Ìnnseachan, Michael ann an 1923, is thà inig iad a dh'fhuireach còmhla rin seanmhair ann an Dùn Èideann timcheall air 1930.
"Bha mi air mo dhòigh cluinntinn mun cheap aige, chuir e iongnadh mòr oirnn," thuirt i.
Chaidh an ceap a thoirt seachad dhan teaghlach aig cuirm an t-seachdain seo aig Cluba Rugbaidh na GÃ idhealtachd.
'S e Colin Bailie, Ceann-suidhe Urramach a' Chluba is fear a bha na bhall de phanal coidsidh Rugbaidh Alba, is air a bheil mòran a tha an sàs ann an spòrs sa cheann a tuath eòlach, a thug seachad an duais.
Am measg na bha an là thair às an teaghlach bha ogha Susan, Ruaraidh Chiffers, a tha còig.
Dh'innis i gu bheil co-là breith Ruairidh a' tuiteam air an 27mh den Ghearran, an dearbh là a chluich an Lt James Michael Blair do dh'Alba air ais ann an 1943.
Tha Susan ag rà dh gur dòcha gum faigh Ruairidh Òg an ceap air a' cheann thall.
"Tha sinn cho taingeil do Rugbaidh Alba. Tha sinn uile cho moiteil às a seo," thuirt i.
Tha Rugbaidh Alba fhathast a' sireadh feadhainn a tha cà irdeach ri naoinear eile a chluich do dh'Alba ann an geamaichean an aghaidh Shasainn eadar 1942 is 1945:
NW Ramsay; JB McNeil; DA Roberts; Bob Cowe; AE Murray; RM McKenzie; JB Nicholls; Charlie Wilhelm; agus E Melling.
Dh'iarr iad gun cuireadh duine sam bith le fiosrachadh brath gu Graham Law aig Rugbaidh Alba.