Farpais Dearbhaidh Euro 2025: Alba an aghaidh na Sèirbe, Slobhagia agus Iosrael
- Air fhoillseachadh
Tha fios aig Alba a-nis gun tèid iad an aghaidh na Sèirbe, Slobhagia agus Iosrael ann am Farpais Dearbhaidh Euro 2025.
Chaidh na dùthchannan a thaghadh còmhla ann am buidheann B2 is iad gus cluich an aghaidh a chèile thairis air a' bhliadhna seo, a' tòiseachadh sa Ghiblean.
Chaidh Cosobho a thaghadh san aon bhuidhinn ach air sgà th adhbharan poiliteageach co-cheangailte ris an t-Sèirb, chaidh an gluasad gu buidheann B4 còmhla ris a' Chuimrigh, an Ùgrain agus a' Chròthais.
Bidh slighe tro na play-offs a dhìth air Alba ma tha iad airson faighinn chun na Euros airson a' chiad uair bho 2017.
Airson pà irt a ghabhail san Eilbheis an ath-bhliadhna, bidh aca ri crìochnachadh san treas à ite no nas fheà rr agus an uair sin tighinn am bà rr an aghaidh an dà sgioba às fheà rr eile.
Bhiodh à ite aca ann an cuairt dheireannach na play-offs ma nì iad sin far am bhiodh aca ri tighinn am bà rr uair eile airson faighinn dha na Euros.
Seo às dèidh do dh'Alba call a-mach air à ite aig Euro 2022 aig deireadh 2021 nuair a bha Shelley Kerr os cionn na sgioba.
Na dùthchannan eile
Bhiodh e ceart a rà dh gu bheil barrachd eòlais aig na h-Albannaich aig farpaisean coltach ris na Euros an coimeas ris na dùthchannan eile aca sa bhuidhinn.
Chan eil an t-Sèirb air pà irt a ghabhail a-riamh aig na Euros agus chan eil Iosrael air nochdadh aig na Euros no Cupa na Cruinne.
Cuideachd, chan eil Slobhagia air a bhith aig na Euros bhon a' chiad uair aca ann an 1993.
Mar sin, 's e slighe fhada agus chruaidh a tha gu bhith aig Alba ma tha iad gu bhith san Eilbheis an ath-bhliadhna ach, air pà ipear co-dhiù, tha iad air faighinn tro fharpaisean dearbhaidh nas trice na na dùthchannan eile a bhios nan aghaidh.
Ach feumaidh piseach a thighinn orra às dèidh fìor dhroch iomairt ann an Lìg nan Nà iseanan an-uiridh fo stiùir Pedro Martinez Losa, nuair nach do bhuannaich iad geama a-mach à sia.