91Èȱ¬

Deit ga cur air dòigh airson cuairt-dheireannach Cupa Lìg nam Ban

Rangers v Partick ThistleTùs an deilbh, SWPL/Colin Poultney
Fo-thiotal an deilbh,

Nicola Docherty (Rangers) agus Imogen Longcake (Partick Thistle)

  • Air fhoillseachadh

Thèid cuairt-dheireannach Cupa Lìg nam Ban eadar Rangers agus Partick Thistle a chumail air Dìdòmhnaich an 24mh den Mhàirt aig Pàirce Tynecastle.

Bha dragh air nochdadh agus an SWPL air a ràdh roimhe gun deadh an geama a chumail an dara cuid air Disathairne an 23mh no Didòmhnaich 24mh.

Ach dh'innis manaidsear Partick Thistle, Brian Graham, a tha a' cluich do sgioba nam fear cuideachd, nach robh an 23mh ag obrachadh dhaibhsan is na fireannaich a' cluich Obar Bhrothaig san Championship air an aon latha.

Bha dragh air Brian Graham an dara cuid nach robh e gu bhith comasach dha cluich do na fireannanaich, a tha a' feuchainn ri sreap chun Phrìomh Lìg, no nach biodh e os cionn sgioba nam boireannach airson a' chiad chuairt-dheireannaich ann an eachraidh a' chluba.

A bharrachd air sgioba nam ban a stiùireadh chun an 6mh àite gu ruige seo ann an SWPL 1, tha Brian Graham air 13 tadhail fhaighinn do sgioba nam fear air an t-seusan seo.

Co-dhiù, tha an SWPL a-nis air dearbhadh gun tèid an geama a chumail aig Tynecastle air an 24mh agus e a' tòiseachadh aig 13:30.

Ann am brath-naidheachd, thuirt an SWPL: "'S e fear dhe na prìomh amasan againn barrachd luchd-taic fhaighinn gu geamaichean san SWPL agus aire dhaoine a tharraing dhan spòrs.

"Às dèidh dhuinn bruidhinn ri ar prìomh luchd-ùidhe, chaidh aonta a dhèanamh gun robh e air leth cudromach an cothrom às fheàrr a thoirt do luchd-taic an dà chluba an geama fhaicinn."

Thug an SWPL taing do Sky Sports, a tha gu bhith a' sealltainn a' gheama, agus Hearts airson fuasgladh a lorg còmhla.