BÃ ideanach is Loch Abar gus cluich 'son Cupa Valerie Fhriseil
- Air fhoillseachadh
Thèid Baideanach agus Loch Abar an aghaidh a chèile ann an cuairt dheireannach Chupa Valerie Fhriseil Disathairne.
Bhuannaich Bà ideanach prìomh chupa iomain nam ban mu dheireadh ann an 2022.
Rinn iad a chùis air an Eilean Sgitheanach, 4-3, airson faighinn chun a' chuairt dheireannaich am-bliadhna.
'S e tomhas de dhìoghaltas a bh'ann an sin às dèidh mar a rinn na Sgitheanaich a chùis orrasan san iar-chuairt dheireannaich an-uiridh.
Tha sgioba Bhà ideanaich ann am fìor dheagh shunnd air thoiseach air a' gheam is iad air a bhith a' frasadh nan tadhail a-steach sna seachdainean mu dheireadh.
Sgòr iad 29 tadhail thar nan trì geamaichean mu dheireadh, is iad a' leigeil a-steach dìreach a dhà thar an à m sin.
Tha iad aig mullach na Lìog Nà iseanta is gun iad ach air aon gheam a chall air an t-seusan sa.
"Tha Bà ideanach an-còmhnaidh là idir fhèin," thuirt tè-aithris iomain 91Èȱ¬ Spòrs, Ceit Bradley.
"Tha cothromachadh math aca far am bi iad a' toirt tòrr òigridh a-steach fhads a tha na cluicheadairean a th' air a bhith ann airson bliadhnaichean agus aig a bheil eòlas fhathast a' cluich aig an ìre is à irde sa gheama.
"Tha mi a' smaoinneachadh gun robh iad caran goirt leis an dòigh anns an deach iad a-mach às an fharpais an-uiridh is iad a' putadh airson seòrsa de Ghrand Slam eile.
"Le ceangalaichean aca ri sgioba Chinn a' Ghiùthsaich a tha ag amas air an aon rud ann an geam nam fear, bhiodh e a' ciallachadh tòrr dhan an sgìre air fad nam b'urrainn dha na boireannaich sin a dhèanamh, " thuirt i.
Tha Loch Abar ag amas air a' chupa a thogail airson a chiad turas bho 2016.
Bhuannaich iad an aghaidh Ghleann Urchadain, 4-1 agus Cheann Loch Seile, 2-1, airson na h-ìre seo a ruighinn.
Chaill iad an dà gheam aca an aghaidh Bhà ideanaich san lìog am-bliadhna ach tha Ceit den bheachd gur e geam teann a bhios ann Disathairne.
"Bidh Loch Abar gu math acrach airson a' chupa seo a bhuannachadh," thuirt i.
"Chan eil sinn air a bhith a' bruidhinn mun deidhinn 's dòcha cho tric is a bu chòir bho 2016.
"Tha mi a' smaoineachadh leis an sin gum bi iad ag iarraidh tighinn a-mach agus sealltainn cho comasach is a tha iad.
"Chanainn ma tha thu a' coimhead air sgioba a tha a cheart cho fut ri BÃ ideanach 's iad Loch Abar so tha mi a' smaoineachadh gum bi e faisg eadar na cluicheadairean," thuirt i.
Tòisichidh an geam aig an Eilean ann am Baile Ùr an t-Slèibh aig 4.05f is bidh e ri fhaicinn beò air 91Èȱ¬ ALBA.
Ron sin, bidh cuairt dheireannach a' Chupa Dhùbhlain ann eadar na dà rna sgiobaidhean aig Bà ideanach agus Inbhir Nis.
Tha gach sgioba ag amas air na h-ainmean aca a chur air a' chupa airson a' chiad turas.
Tòisichidh an geam sin aig 1.45f.