Bucaidh a-mach à play-off an SPFL
- Air fhoillseachadh
Dh'innis an SFA nach bi cothrom aig Buckie Thistle cluich anns na geamaichean play-off airson à ite ann an Liog na h-Alba is e air faileachadh orra teisteanas fhaighinn 'son ballrachd san SPFL.
Bhuannaich Bucaidh Lìog na Gà idhealtachd Disathairne.
Ged a chrìochnaich iad co-ionnan aig a' mhullach le Brechin, rinn Bucaidh an gnothach air diofar nan tadhal.
Bha dùil aca cluich an aghaidh Chille Bhrìghde an Ear - a bhuannaich Lìog na Galldachd - air falbh Disathairne is aig an taigh seachdain às dèidh sin.
Bhiodh an sgioba a dhèanadh an gnothach an aghaidh na sgioba aig bonn an SPFL 'son à ite ann an Lìog 2 an ath-sheusan.
Bha Bucaidh air innse mar-thà an t-seachdain seo gun robh iad gu mòr ag amas air à ite san SPFL.
Cha bhi an cothrom sin a-nise aca.
Ann am brath, thuirt an SFA gun feum clubaichean a tha a' cluich anns na play-offs gabhail ri inbhean ballrachd an SPFL agus san t-suidheachadh seo gu sònraichte gum bi Inbhe Umha aca bhon SFA.
Dh'innis iad nach do rà inig Bucaidh an ìre a bha a dhìth is sgrùdadh air a dhèanamh orra Diciadain.
Thuirt iad gu bheil iad air a bhith a' còmhradh ri Bucaidh bhon Dùbhlachd a thaobh nan leasachaidhean a dh'fheumadh iad a dhèanamh gus ballrachd SPFL fhaighinn is gun robh ùine aca dèiligeadh riutha.
Thuirt iad nach do thachair sin.
Dh'innis an SPFL fhèin nach do dh'iarr Bucaidh ùine a bharrachd mar a bha còir ron 31mh den Mhà rt nas motha.
Tha iad ag rà dh gu bheil co-fhaireachdainn aca do Bhucaidh is an luchd-leantainn aca ach gum feum iad na riaghailtean aca a chur an sà s.
Thuirt iad gun tèid Cille Bhrìghde an Ear air adhart a-nise 'son cluich an aghaidh na sgioba a chrìochnaicheas aig bonn an SPFL.
"Briseadh-dùil uabhasach"
Ann am oidhche Dhiardaoin, chaidh Buckie Thistle às à icheadh cuid de na puingean sin is iad ag rà dh gur e "briseadh-dùil uabhasach" a tha seo dhaibh.
Thuirt an cluba gu bheil iad air a bhith a' còmhradh ris an SFA gu cunbhalach mu na leasachaidhean a bhiodh a dhìth orra.
Thuirt iad gun do dh'iarr an SPFL orra Dimà irt ùine a bharrachd iarraidh airson dèiligeadh ri ceithir rudan gu sònraichte agus gur e sin a rinn iad.
Tha iad ag rà dh gun robh coinneamh aca leis an SFA Diciadain is gun deach faochadh a thoirt dhaibh air Solais, Oifigear Sà bhailteachd, is Iomadachd is In-ghabhaltas.
Thuirt iad gun deach aon rud - Gnothaichean Meadaigeach - a chur dheth chun a' 15mh den Chèitean ach gun robh an cluba air gealltainn dèiligeadh ris ron 10mh den Chèitean.
Dh'innis Bucaidh gun d' fhuair iad an uair sin post-dealain aig 5:00f Diardaoin ag innse dhaibh nach biodh cead aca cluich sa phlay-off.
"Gu follaiseach chuir seo iongnadh mòr air a h-uile duine aig a' chluba is 's e briseadh-dùil uabhasach a th' ann," thuirt iad.
"Tha e gu sònraichte cruaidh air na cluicheadairean is an sgioba-choidsidh a rinn oidhirp cho mòr gus Lìog na Gà idhealtachd a bhuannachadh is nach fhaigh cothrom a-nise feuchainn ri gluasad suas gu lìog nas à irde."
Cha robh guth aig Bucaidh air ath-thagradh ge-tà , is a h-uile coltas ann mar sin gu bheil an gnothach a-nise seachad.