91ȱ

Am Prionnsa Punjabi: Ceum nas fhaisge air tiotal fhaighinn?

RicoTùs an deilbh, Rico Marinovic
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Rico Marinovic gus a bhith a' sabaid aig ìre phroifeiseanta airson an treasamh uair Dihaoine

  • Air fhoillseachadh

Bidh a' phìob a' seinn nuair a thèid Rico 'Am Prionnsa Punjabi' Marinovic a-steach dhan ring airson an treasamh uair aig ìre proifeiseanta oidhche Haoine.

Aithnichte coltach ri rìgh le dà chù taobh a-muigh an ring, bidh Rico an dòchas gun cuir seo eagal air an fhear a bhios a' dol na aghaidh, Ivelin Gitsov à Bulgàiria.

Thèid an t-sabaid air adhart aig An Crowne Plaza ann an Glaschu, dìreach còig mionaidean air falbh bhon t-seann-sgoil aig Rico, Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu.

Tha an dithis gu bhith a' sabaid thairis air ceithir cuairtean trì mionaidean a dh'fhaid, ach tha Rico an dùil cumail air às dèidh seo agus sabaid thairis air sia cuairtean san ath shabaid aige.

Seo mar phàirt de na planaichean aige is e cinnteach gum bi tiotal aige aon là.

Tùs an deilbh, Rico Marinovic
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Rico air an dà shabaid phroifeiseanta aige a bhuannachadh.

Cha do chaill Am Prionnsa fhathast

Tha Rico air sabaid dà uair aig ìre phroifeiseanta gu ruige seo - dà shabaid a bhuannaich e.

Bha dùil aige sabaid airson an treas uair san t-Samhain an-uiridh ach chaidh sin a chur dheth.

Ach chùm Rico air a' trèanadh co-dhiù le sùil air an t-sabaid seo.

B' e sailead a bh' aige air Là na Nollaig!

Tha e a' coimhead air adhart ris a' chiad 'cheat meal' aige oidhche Haoine ge-tà.

Cha ghabh am post Twitter seo a shealltainn air a’ bhrabhsair agaibh. Ceadaichibh Javascript no feuchaibh brabhsair eile.
Chan eil am 91ȱ an urra ris na tha a' nochdadh air làraichean-lìn air an taobh a-muigh
Leum thairis air twitter teachdaireachd le 91ȱ Spòrs Gaelic

Cead do stuth Twitter?

Tha stuth Twitter an cois an artaigil seo. Tha sinn a’ sireadh cead bhuat mus tèid sìon luchdachadh, oir dh’fhaodadh iad ‘briosgaidean’ agus teicneòlas eile a chur an sàs. ‘S dòcha gum biodh tu airson a leughadh agus mus tèid thu air adhart. Airson sùil a thoirt air an stuth seo, tagh ‘Gabh ris agus lean ort’.

Chan eil am 91ȱ an urra ris na tha a' nochdadh air làraichean-lìn air an taobh a-muigh
Deireadh twitter teachdaireachd le 91ȱ Spòrs Gaelic

Ginealach ùr

Ged a tha Rico 19 bliadhna a dh'aois agus air Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu fhàgail, tha fios aige cò às a thàinig e: "Tha cuimhne agam far an do dh'fhàs mi agus tha fios agam càite bheil mi a' dol air sgàth sin."

"Tha mi an còmhnaidh a' dol dhan sgoil agus a' bruidhinn ri na sgoilearan a tha fhathast ann", thuirt e.

"Tha dithis bhalach a tha a' bogsadh agus tha iad gam leantainn.

"Tha e ag obair san dòigh eile cuideachd. Tha mise gan cuideachadh agus tha iadsan gam chuideachadh cuideachd le bhith a' cumail orm."

Tùs an deilbh, 91ȱ Spòrs
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Rico pròiseil às a' Ghàidhlig aige.

Coltach ris an dithis a chaidh na aghaidh san dà shabaid aige ron seo, tha Ivelin Gitsov deich bliadhna nas sine na Rico.

"Tha fiosam gun urrainn dhomh sabaid an aghaidh duine sam bith, aig ìre sam bith agus aig aois sam bith", thuirt e.

"Chan eil e a' cur dragh sam bith orm nach dèan mi a' chùis oidhche Haoine.

Tha misneachd gu leòr aig Rico ach le deagh adhbhar. Tha plana aige.

Stoidhle-bogsaidh san Roinn Eòrpa

"Tha mi an dùil gum bi stoidhle eadar-dhealaichte aig Ivelin à Bulgaria", thuirt Rico.

"Tha na bogsairean às an Roinn Eòrpa a' sabaid ann an dòigh coltach ris an dòigh a chì thu aig na Geamaichean Oilimpigeach.

"Tha na Breatannaich a' cleachdadh stoidhle nas slaodaiche agus mar sin, sa champa seo tha mi air a bhith ag obair air stoidhle nas adhartaiche.

"Tha mi airson cuideam a chur air agus tha mi airson 'knockout' fhaighinn."

Pròis a mhàthair

Tùs an deilbh, Rico Marinovic
Fo-thiotal an deilbh,

Rico agus a mhàthair Satveer

A bharrachd air a cheanglaichean ri Punjab, tha ceangal aige ri Eilean Cholla ann an Alba cuideachd is an dà chultar a' ruith tro fhuil.

'S i Satveer, a mhàthair, a chuir Rico a-steach gu Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu is i cho pròiseil às an-dràsta.

"Tha (Punjab agus Gàidhlig) nam pàirt mhòr de Rico, mar phàirt dheth fhèin agus cò e".

"Tha mi cho pròiseil 's a ghabhas mu Rico.

"A h-uile là, tha e ag obair cho cruaidh airson a bhith cho math agus 's urrainn dha, an dà chuid ann agus taobh a-muigh an ring", thuirt i.

Cuine agus càite?

Thèid an t-sabaid eadar Rico 'Am Prionnsa Punjabi' Marinovic agus Ivelin Gitsov air adhart oidhche Haoine aig taigh-Òsda An Crowne Plaza ann an Glaschu le cùisean a' tòiseachadh mu 8f.