Soirbheachas aig toiseach iomairt ùr do dh’Alba
- Air fhoillseachadh
Bha dà thadhal gu leòr do dh'Alba airson a' chùis a dhèanamh air Armenia oidhche Chiadain sa chiad gheama aca ann an Lìog nan Dùthchannan.
'S e Anthony Ralston agus an cluicheadair dìon Scott McKenna a fhuair a' chiad tadhal aca do dh'Alba sa chiad-leth ann an geama far an robh 71% den bhall aig na h-Albannaich.
Dh'innis àrd-choidse na h-Alba, Steve Clarke gun robh e a' beachdachadh air atharrachaidhean a dhèanamh air a' phàirce às dèidh dhaibh cothrom a chall air àite aig Cupa na Cruinne a chosnadh an aghaidh na h-Ucràin seachdan ron gheama. Dh'atharraich e cuid de na cluicheadairean airson a' gheama seo ach chleachd e an aon seòrsa cruth - còignear chluicheadairean a tha, mar as trice, a' cluiche san loidhne-dìon.
Bhon chiad fhideig, bha coltas fada nas beòthaile air Alba an coimeas ris a' gheama an aghaidh na h-Ucràin. Bha an loidhne-dìon aca a' suidhe gu math àrd air a' phàirce agus bha na cluicheadairean aig meadhan na pàirce a' cur tòrr chuideim air Armenia nuair nach robh am ball aca. Agus dh'obraich e glè mhath dhaibh.
Cuideachd, bha iad a' sgaoileadh a' bhuill am measg a chèile le bharrachd cinnt agus misneachd.
Timcheall air leth-uair de thìde a-steach dhan gheama, thàinig a' chiad tadhal. Deich slatan air falbh bho oisein chlì a' bhogsa, chuir Stuart Armstrong ball domhain a-steach chun a' phuist chùil. Bha gu leòr astair air agus rinn Anthony Ralston fìor mhath airson a cheann fhaighinn air agus am ball a chur seachad air an fhear-glèidhidh, Yurchenko.
Deich mionaidean às dèidh sin fhuair Alba breab-oisein air an taobh chlì. Chuir Iain MacFhinn am ball a-steach gu sgiobalta chun a' phuist chùil a-rithist. An turas seo, dh'èirich Scott McKenna agus chleachd e an neart aige airson am ball a bhuannachadh san adhar agus an dàrna tadhal fhaighinn.
Nochd McKenna le cheann aon uair eile agus bhual e a' mhaide-tarsainn sna diogan mu dheireadh den chiad-leth. Chaidh am ball àrd ach bha coltas nach deach e seachad air an loidhne fhathast. Ghnog Hendry am ball air ais gu meadhan a' bhocsa agus fhuair McKenna a chas air. Bha coltas ann gun d' fhuair Alba an treas tadhal.
Ach às dèidh sgrùdaidh VAR, thàinig dearbhadh gun deach am ball a-mach às a' phàirce às dèidh dha bualadh sa mhaide-tarsainn.
Sheall Alba an aon ùidh agus acras san dàrna-leth ach cha d' fhuair iad lorg air an treas tadhal. Bha dhà no thrì chothroman aig Armenia leis gun robh Alba fhathast a' cluich gu math àrd suas a' phàirce ach dhèilig an loidhne-dìon agus am fear-glèidhidh Albannach, Craig Gordàn, leis na h-oidhirpean aca gu furasta.
'S ann aig Iain MacFhinn a bha an dà chothrom a b' fheàrr den trì chairteal na h-uarach mu dheireadh. Cha mhòr nach do bhris e am maide-tarsainn le oidhirp is e a' feuchainn ri tadhal dha fhèin a chosnadh às dèidh dha an dàrna fear aig Alba a chruthachadh. Bha cothrom eile aige bho astar far an deach am ball dìreach thairis air tadhal Armenia.
Oidhche eachdraidheil a bh' ann do sheann-chluicheadair Ross County, Ross Stewart, is e a' cosnadh a' chiad cheap aige nuair a thàinig e air a' phàirce le trì mionaidean ri dhol.
Agus sin mar a chrìochnaich cùisean - 2-0 dha na h-Albannaich.
Tha dà gheama aca air fhàgail den t-sreath gheamaichean eadar-nàiseanta seo. Cuiridh Poblachd na h-Èireann fàilte orra ann am Baile Átha Cliath Disathairne agus cluichidh iad Armenia a-rithist oidhche Mhàirt ann an Yerevan.