91Èȱ¬

Taghadh Chupa Eilean an Fhraoich

  • Air fhoillseachadh
Cupa Eilean an Fhraoich

Le seusan ùr a' bhuill-choise ionadail a-nise air fàire chaidh an taghadh a dhèanamh oidhche Mhàirt airson Chupa Eilean an Fhraoich.

Tha trì bliadhna bho bha an fharpais ann mu dheireadh.

'S iad am Bac a thog an cupa ann an 2019 is iad a' soirbheachadh 2-0 an aghaidh an Rubha sa chuairt dheireannaich.

B' e sin a' chiad turas bho 2003 a bha na Bacaich air an cupa ainmeil a bhuannachadh.

Às dèidh a h-uile dad a tha air tachairt san dà bhliadhna mu dheireadh, tha fadachd air a h-uile duine ann am ball-coise Leòdhais is na Hearadh gum bi an fharpais seo air ais.

"Tha mi a' smaoineachadh gum bi daoine a' coimhead air adhart ris", thuirt Coinneach MacLeòid bho Chomann Ball-coise Leòdhais agus na Hearadh.

"Ged a chaidh an taghadh a dhèanamh 'son 2020, gu mì-fhortanach chuir Covid stad air an fharpais gabhail àite. An-uiridh, leis gur e seusan goirid a bh' ann, cha deach an fharpais a chluich.

"Bidh e math fhaicinn air ais. 'S e an fharpais as aosda ann am ball-coise Leòdhais is na Hearadh agus an fharpais a tha sgiobanan an tuath gu mòr airson buannachadh bliadhna an dèidh bliadhna", thuirt e.

Bha beagan eachdraidh ann an 2019 is sgioba Ùige & Bheàrnaraigh a' tilleadh gu Cupa Eilean an Fhraoich 'son a' chiad turas bho 1986.

Chaill iad 8-2 ris an Rubha thairis air dà gheama, ged a bhuannaich na h-Ùigich an dàrna geama 2-0.

Cha bhi sgioba Ùige & Bheàrnaraigh a' farpais am-bliadhna, ach tha seachd sgiobaidhean eile is tha an taghadh mar a leanas:

A' Chiad Chuairt (30mh den Chèitean agus 6mh den Òg-mhios)

Na Lochan - Nis

Am Bac - An Taobh Siar

Càrlabhagh - An Rubha

Na Hearadh dìreach dhan ath-chuairt

Iar-chuairt Dheireannach (13mh den Ògmhìos agus 20mh den Òg-mhios)

Am Bac/An Taobh Siar - Na Lochan/Nis

Na Hearadh - Càrlabhagh/An Rubha

Bidh a' chuairt dheireannach ann air an 29mh den Iuchar ann an Col Uarach.