Sgrùdadh mu ghrà in-chreideimh aig County
- Air fhoillseachadh
Tha Ross County air dol a-mach a bha stèidhichte air grà in-chreideimh le cuid dhen luchd-leantainn aca a chà ineadh às dèidh dhaibh call ri Celtic an Inbhir Pheotharain tron t-seachdain.
Gheall iad dèiligeadh gu cruaidh ris an fheadhainn a bh' air a chùlaibh.
Thòisich cluba Inbhir Pheotharain sgrùdadh agus dh'innis iad dha na poilis mu na thachair.
Tadhal aig an fhìor dheireadh
Nochd a' ghrà in-chreideimh à earrann seinne Ross County às dèidh do dh'Anthony Ralston an tadhal a bhuannach an gèam 2-1 dha Celtic fhaighinn anns an 97mh mionaid.
Dh'iarr County air duine sam bith aig a bheil fiosrachadh fios a chur chun chluba.
Tha Poileas Alba mu thrà th a' sgrùdadh mhì-rian aig a' ghèam às dèidh do chuid dhen luchd-leantainn aig Celtic a dhol air a' phà irc às dèidh tadhal Ralston.
Duine ga chur an grèim
Chaidh fireannach 32 bliadhna a dh'aois a chur an grèim.
Bhris stiùbhart caol-dùirn anns an aimhreit, a-rèir mhanaidsear Ross County, Malky MacAoidh.