Ceithir puingean is ceistean gu leòr
- Air fhoillseachadh
Tha m'athair measail air sgeulachdan bho là ithean òige innse. Tha fios agad mar a tha bodaich.
Tha tè dhuibh stèidhichte timcheall air geata - sean gheata, air leth trom is meirgeach - is e fhèin is a bhrà ithrean air cur romhpa a ghluasad.
Bha fear dhiubh ùine a' meòrachadh air a' ghnothach mus tà inig e air adhart le planaichean mòra 'son an obair a thoirt gu buil.
A' seasamh ri taobh a' gheata is a' mìneachadh a chuid ro-innleachd, chuir am fear as sinne stad air: "Togaidh sinn e dìreach is cuiridh sinn an dà rna taobh e".
Uaireanan tha planaichean sìmplidh dìreach nas fheà rr.
Soirbheachas
Bha coltas co-dhiù gur e sin an fheallsanachd a bh' aig Steve Clarke nuair a bha e os cionn Chill Mheà rnaig.
Dh'aithnich Clarke na laigsean a bha sa bhuidhinn is gun robh sporan a' chluba gann.
Fhuair e cruth is stoidhle a bha a' freagairt air na bh' aige is chùm e ris. Cha robh e ùr-nodha is cha robh e an còmhnaidh brèagha, ach abair gun do dh'obraich e.
'S e mar a fhuair e na h-uidhir bho sguad nach robh aig à rd-ìre air pà ipear - is mar a thug e daoine còmhla aig an dearbh à m - a rinn Clarke cho tarraingeach 'son obair manaidsear na h-Alba.
Ach a dh'aindeoin sin uile, 's e geata nam balach a thà inig thugam is Alba air cluich an aghaidh Iosrael is Poblachd nan Seic anns na là ithean mu dheireadh.
Ged a bha dòchas ann gun robh Clarke a' dèanamh adhartais, gu ìre, anns na geamaichean mu dheireadh mus tà inig staing Chovid-19, nochd e an turas seo le ro-innleachd ùr.
Tha an suidheachadh le Kieran Tierney is Andy Robasdan air manaidsearan na h-Alba fhà gail le ceann goirt ron seo.
Mar a chaidh fheuchainn roimhe, chaidh Clarke gu triùir aig a' chùl mar fhuasgladh, ged a 's e fuasgladh a bha sin a bha a' fà gail nach robh Tierney no Robasdan a' cluich san à ite a b' fheà rr leotha is Tierney na phà irt den triùir is Robasdan nas fhaide suas air an là imhe chlì seach far am bi e mar as trice.
Ged nach robh iad dona, cha robh duine seach duine aca a' coimhead uile gu lèir toilichte.
Cha b' e sin e a-mhà in. Chaidh Scott McTominay aig Manchester United a ghluasad dhan chùl cuideachd, a' fà gail nach e feadhainn a tha cluich ann am meadhan na loidhne cùil gu nà darra a bha ann an dithis den triùir an aghaidh Iosrael.
Air chall
Is a thaobh McTominay bochd gu h-à raidh, bha a' bhuil ann is e a' coimhead cho cofhurtail ri neach bhana-campachaidh a nochd 'son aiseag Steòrnabhaigh gun à ite-fuirich air a chur air dòigh ro-là imhe.
Bha Tierney air a' bheingidh an aghaidh nan Seiceach, ged a chùm Clarke ris a' chruth a bha e a rèir choltais air a dhealbh 'son à ite a dhèanamh dha is Robasdan còmhla.
Ged is e meadhan na pà irce an roinn as là idire a th' aig Alba, cha do sheall duine den fheadhainn a chluich an sin thairis air an dà gheama na comasan aca mar a tha iad a' dèanamh dha na clubaichean aca.
Robh Clarke air plana iongantach a dhealbh 'son an car a thoirt à Iosrael air thoiseach air a' gheama eile nan aghaidh an ath-mhìos?
No, le a bhith a' meòrachadh air ro-innleachd ùr, an robh e air rudeigin a lorg a bha ro thoinnte is nach robh gu ìre mhòir a' freagairt air gin de na cluicheadairean aige?
"Togaidh sinn e dìreach is cuiridh sinn e dà rna taobh e".
A bheil an suidheachadh uile gu leìr dubhach? Uill chan eil.
Bidh Clarke air a mhisneachadh gu sònraichte le mar a chluich Lyndon Dykes aig an aghaidh. Bha Dkyes cofhurtail aig ìre eadar-nà iseanta. Bhuannaich e cha mhòr gach batal, chleachd e am ball gu sgileil is fhuair e tadhal.
Feumaidh Clarke dòigh fhaighinn air taic a chumail ris, ach tha coltas ann gu bheil e air fear-aghaidh èifeachdach a lorg.
'S dòcha gun tig là fhathast nuair a shoirbhicheas Scott McTominay san loidhne-dìon, ach tha fios aig Clarke a-nise, 's cinnteach, gum bu chòir dha a chur gu feum ann am meadhan na pà irce.
Agus, 's dòcha, gur e ceathrar aig a' chùl as fheà rr is taghadh eadar Robasdan is Tierney air an là imh-chlì gus am bi co-dhiù aonan dhiubh san à ite nà darra aca.
Tha rud eile ann am fà bhor Clarke - is e sin gu bheil coltas ann gu bheil fortan air a thaobh.
Fhuair e puing aig Hampden ged a bha Iosrael na b' fheà rr na Alba. Chanadh cuid gun robh am breab-peanais a bhuannaich John McGinn rudeigin lag.
µþÃ °ù°ù
'S e Poblachd nan Seic air falbh an geama as duilghe sa bhuidhinn ach le suidheachadh Chovid chan e an sgioba cheart a bha nar n-aghaidh idir.
Dh'fhaodadh Alba a bhith air chall fhathast ach eadar breab-peanais eile, sà bhaladh no dhà air leth bho Dhà ibhidh Marshall, is post bà idheil, fhuair iad às leis.
Cò nach biodh air ceithir puingean a ghabhail bhon dà gheama is Alba aig mullach na buidhne?
Bidh gu leòr an dòchas a-nise gum bi Clarke a' beachdachadh agus a' tilleadh dhan fheallsanachd a bha cho soirbheachail aig Killie. Cruth is stoidhle a tha a' freagairt air a' mhòr-chuid de na cluicheadairean.
Agus gu sgiobalta, le Iosrael air ais aig Hampden ann am play-off san Damhair is geamaichean dìreach às dèidh sin an aghaidh Slobhagia is Poblachd na Seice a-rithist.
Cha dèan na chunnaic sinn san t-seachdain mu dheireadh a' chùis an ath-mhìos.
Oir mar a tha an seann-fhacal a' dol, am fear a thèid tric an gà bhadh, thèid a bhà thadh uaireigin.